Bàs fireannaich ann an Inbhir Theòrsa

Chuir na poilis fireannach an grèim an co-cheangal ris bàs duine eile ann an Inbhir Theòrsa.

Dhearbh Poileas Alba gun do bhàsaich am fireannach, a bha 32 bliadhna a dh' aois, aig taigh air Slighe Holborn.

Chaidh an gairm ann mu 8:00m. Dimàirt.

Chuir iad fear eile, 24 bliadhna a dh' aois, an grèim an co-cheangail ris a' chùis.

Thuirt an Det. Insp. Scott Dòmhnallach gu robh an co-fhaireachdain le teaghlach agus caraidean an fhir a chaochail.

Tha iad air rannsachadh a thòiseachadh feuch dè bu choireach ri bàs an duine.