Rannsachadh a' leantainn an Inbhir Theòrsa

Tha rannsachadh a' leantainn aig na poilis às dèidh bàs fireannaich ann an Gallaibh Dimairt.

Bha fear aois 32 air fhaighinn marbh ann an togalach air Lònach Holburn ann an Inbhir Theòrsa mu 8:00m.

Thuirt na poilis gu bheil fear aois 24 an grèim ann an co-cheangail ris a' bhàs.

Agus dhearbh iad nach eil cunnart sam bith ann dhan mhòr-shluagh ri linn na cùise.

Tuilleadh air an sgeulachd seo