Casaidean burraidheachd fo dheasbad

Suaicheantas NHS na Gàidhealtachd
Image caption Bhruidhinn Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, aig deasbad ann an Holyrood Dimàirt mu chasaidean de chultar de bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd.

Chualar nach bi creideas aig sgrùdadh mu chasaidean burraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd mura bi e gu tur neo-eisimileach.

Sin beachd Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, agus i a' bruidhinn aig deasbad ann an Holyrood Dimàirt mu chasaidean de chultar de bhurraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd.

Dhearbh i cuideachd gun tèid bruidhinn ri euslaintich a bharrachd air luchd-obrach mar phàirt den rannsachadh.

Thuirt i cuideachd gun robh i an dòchas gun tigeadh leasanan airson seirbheis slàinte na h-Alba air fad às a' phròiseas.

Deasbad

'S ann san Lùnasdal a thug buidheann de dhaoine am follais an cuid chasaidean agus iad a' cumail a-mach gu robh "cultar de dh' eagal agus maoidheadh" aig NHS na Gàidhealtachd.

Aig toiseach na Samhna dh'òrdaich Riaghaltas na h-Alba gum biodh sgrùdadh neo-eisimeileach ann le Iain Sturrock QC os a chionn às dèidh mar a thàinig còrr agus 100 duine air adhairt a' gearan mu bhurraidheachd san àite-obrach.

Bha deasbad ann mun chùis am Pàrlamaid na h-Alba oidhche Mhàirt far an do gheall Rùnaire na Slàinte gun deagh dèiligeadh ris na trioblaidean gu ceart.

Chualar cuideachd gun robh e cudromach gun tigeadh barrachd dhaoine air adhart le an cuid aithrisean gun eagal mu shàbhailteachd ged bhiodh burraidheachd fhathast a' dol.