Cead airson tuath-gaoithe aig muir

Tuath-gaoithe aig muir Image copyright Getty Images
Image caption Bhiodh 85 crainn san leasachadh a thathar a' moladh ann an Linne Mhoireibh.

Thug comhairlichean Gàidhealach cead do leasachadh anns am bi 85 crainn ged a bha luchd-dealbhachaidh a' moladh a dhiùltadh.

'S e co-bhanntachd eadar a' chompanaidh Spàinnteach, EDP Renewables, a' chompanaidh Fhrangach, Engie, agus a' chompanaidh Iapànach, Mitsubishi, air cùl a' phlana.

Bha dragh air luchd-dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd gum milleadh an sgeama, mu 14 mìle bho chladach Ghallaibh, seallaidhean mara ann an Linne Mhoireibh.

Bha iad a' moladh nach biodh crainn cho fada dhan iar air an làraich, ach cha do ghabh comhairlichean ri comhairle nan oifigeach.

Aig coinneimh de chomataidh dealbhachaidh a' chinn a tuath Dimàirt chuir buill an taic ris an leasachadh.

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba a-nis a' beachdachadh air an iarrtas.