Marine Harvest airson fàs

Loch Shùirn Image copyright Google
Image caption Tha Marine Harvest airson leudachadh a dhèanamh aig an làraich aca ann an Loch Shùirn.

Tha a' chompanaidh àraich bhradan as motha air an t-saoghal airson an tuath aca ann an Loch Shùirn a leudachadh.

Dh'atharraich Marine Harvest an ainm gu Mowi o chionn ghoirid, ach 's ann fon t-seann ainm a tha an t-iarrtas seo.

Tha 12 cèidse aca air an loch ach tha iad a' sireadh cead sin àrdachadh gu 16.

Tha an t-iarrtas aca a' tighinn aig a' cheart àm agus a tha Pàrlamaid na h-Alba air aithisg fhoillseachadh mu bhuaidh a' ghnìomhachais air an àrainneachd.

Cho-dhùin rannsachadh farsaing nach robh adhbhar ann airson casg rè ùine a chur air fàs sa ghnìomhachas mar a bha cuid de luchd-glèidhteachais ag iarraidh.

Tha Marine Harvest ag ràdh gu bheil na molaidhean aca aig ìre thràth agus a' crochadh air barrachd rannsachaidh air buaidh na h-àrainneachd.

Bha 65 moladh ann an aithisg na Pàrlamaid airson riaghailtean nas cruaidhe a chur mu choinneimh a' ghnìomhachais airson smachd a bhith aca air an leithid mialan mara agus na bha de bhradain a tha a' bàsachadh.

Chuir Marine Harvest fàilte air na molaidhean agus iad den bheachd gun cuidich siostam riaghlaidh ùr cliù na companaidh agus ìomhaigh bhradan na h-Alba air feadh an t-saoghail.

A thaobh an iarrtais as ùire seo aig a' chompanaidh feumar sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air an àrainneachd mhara ann an Loch Shùirn agus feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt dhaibh.