Tuabaist rathaid mhairbhteach an Cinn Tìre

Seachaid poilis
Image caption Thòisich Poileas Alba rannsachadh air dè dh'adhbhraich an tubaist.

Bhàsaich fireannach, 90 bliadhna de dh'aois, às dèidh dhan chàr aige a dhol far an rathaid faisg air Muasdal ann an Cinn Tìre.

Chaidh carbad an duine a lorg ann an achadh faisg air an A83 deas air Muasdal feasgar Dhimàirt.

Tha na Poilis den bheachd gum faodadh gun robh an Skoda Karoq glas air a bhith ann airson grunn uairean de thìde.

Tha iad ag iarraidh taic a' phobaill leis an rannsachadh aca.

Cha robh carbad eile an sàs sa chùis.