Iasgairean a' sireadh smachd air uisgeachan

Uidheamachd iasgaich
Image caption Tha iasgairean Albannach ag iarraidh gum bi smachd aig Breatann air uisgeachan na dùthcha.

Tha iasgairean Albannach ag ràdh nach bu chòir barganachadh le cothrom air uisgeachan Bhreatainn airson an t-aonta malairt as fheàrr fhaighinn leis an EU.

Chuir Comann Iasgairean na h-Alba iomairt air chois airson dèanamh cinnteach gum bi smachd aig an Rìoghachd Aonaichte air uisgeachan na dùthcha às dèidh Bhrexit.

Cha tug am Prìomhaire, Theresa May, barantas seachad gun tig an RA a-mach à Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich (CFP) ro dheireadh 2020.

Ann an litir gu buill-phàrlamaid Thòraidheach an Alba thuirt a' Bhean-phòsta May gun robh i a' gabhail ris nach biodh e iomchaidh a bhith san CFP às dèidh 2020.

Thuirt i nach gluaiseadh i bhon t-seasamh aice cur an aghaidh oidhirpean an Aonaidh Eòrpaich cothrom air margaidhean Eòrpch a chleachdadh mar dhòigh cothrom a bhith aca air uisgeachan Bhreatainn.

Tha Comann Iasgairean na h-Alba a' toirt air luchd-poileataigs bho gach pàrtaidh gealltanas sgrìobhte a thoirt mar phàirt den iomairt aca gum bi làn uachdranachd aig Breatainn air a h-uisgeachan fhèin as dèidh dhan dùthaich an EU fhàgail.