Cailllear co-dhiù 100 cosnadh an Inbhir Pheofharan

Bradain air deigh Image copyright Getty Images

Dhearbh Companaidh Bhradan Dhùn Èidinn gun dùin iad an fhactaraidh aca ann an inbhir Pheofhran ro dheireadh na bliadhna.

Tha a' chompanaidh fo shealbh Buidheann Aonaidh Thai (Thai Union Group), a tha stèidhichte ann an Thailand ach a' ruith ghnothchasan air feadh an t-saoghail.

San Lùnasdal thug iad rabhadh gun robh an fhactaraidh ann an Inbhir Pheofharan a' call tòrr airgid air sgàth agus gun robh e duilich dhaibh gu leòr a reic.

Às dèidh ùine a' sireadh bheachdan thuirt iad Diciadain nach robh dol às aca ach an fhactaraidh a dhùnadh.

Tha 160 luchd-obrach ann, agus suas ri ceud duine a' faighinn cosnaidh ann aig na h-amannan as trainge.

Thuirt a' chompanaidh gun dèanadh iad an dìcheall dèanamh cinnteach gum faigh an luchd-obrach cuideachadh ann a bhith a' faighinn obair eile.