BPA nan Eilean Siar os cionn buidhne Gàidhlig

Tha Alasdair Allan ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig ann an staid chugallach fhathast.

Chaidh BPA nan Eilean Siar ainmeachadh Diciadain mar fhear-gairm Buidheann Thar-phàrtaidh na Gàidhlig ann an Holyrood.

'S e dleasdanas na buidhne fiosrachadh, comhairle agus beachdan fhaighinn air cuspairean co-cheangailte ri cultar agus cor a' chànain.

Bidh buidhnean mar Bhòrd na Gàidhlig, An Comunn Gàidhealach, Comann na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus MG Alba am measg an fheadhainn a bhios a' faighinn cuireadh a dhol a bhruidhinn riutha.

Thuirt Mgr Allan gur e cothrom a bh' ann mìneachadh don Phàrlamaid cho prìseal sa tha a' Ghàidhlig do choimhearsnachdan agus cho cugallach 's a tha staid a' chànain fhathast.