Casaid muirt an aghaidh fear à Inbhir Theòrsa

Nochd fireannach, 24 bliadhna de dh'aois, aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Ùige agus casaid muirt air.

Chaidh Pòl Cannop a chur an grèim Dimàirt às deidh mar a fhuaireadh corp Pòl Fairweather, 32 bliadhna de dh'aois, aig taigh ann an Inbhir Theòrsa.

Cha do rinn Cannop, a bhuineas cuideachd do dh' Inbhir Theòrsa, tagradh sam bith nuair a nochd e air beulaibh an t-Siorraim Urramaich Ailean Clasper.

Chaidh Cannop a chumail an grèim.