Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha an Riaghaltas a' foillseachadh tomhais an-diugh air dè a' bhuaidh a bheireadh na diofar roghainnean airson Bhrexit air an eaconomaidh air an ath 15 bliadhna. Thuirt an Seansalair, Philip Hammond, gun do sheall na figearan gur e fuireach anns an Aonadh Eòrpach a b' fheàrr dhan eaconomaidh, ach gur e plana Theresa May an rud as fhaisge air sin, agus nach biodh an eaconomaidh mòran nas miosa leis. Thuirt e ge-tà, gur e dùthaich bhriste a bhiodh ann am Breatainn nan deadh cur às do bhuil an referendum.

Theresa May

Tha am Prìomhaire ann an Alba an-diugh a' feuchainn ri taic fhaighinn dhan phlana aice. Canaidh i gum fosgail Brexit margaidhean ùra do bhathair ainmeil na h-Alba mar bhradan agus uisge-beatha. 'S e beachd Riaghaltas na h-Alba gun dèan Brexit cron air an eaconomaidh. Ach tha dùil gum freagair Theresa May cuideachd dragh mu bhuaidh an aonta air gnìomhachas an iasgaich.

NHS na h-Alba

Tha Comann Meidigeach Bhreatainn ag ràdh gu bheil dragh air dotairean an Alba mun t-seòrsa cùraim a tha euslaintich a' faighinn. Dh'iarr am BMA beachd air cha mhòr 1,000 dotair, agus cho-dhùin an rannsachadh sin gu bheil 3/4 dhiubh sin den bheachd gu bheil airgead agus targaidean a' faighinn prìomhachais. Agus thuirt còrr is an treas cuid dhiubh gu bheil burraidheachd na trioblaid anns an àite obrach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil euslaintich nas riaraichte na bha iad, gu bheil nas lugha de bhàs ann, agus ionadan A&E na h-Alba air an fheadhainn as fheàrr ann am Breatainn airson trì bliadhna.

NHS na Gàidhealtachd

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, nach bi earbsa ann an rannsachadh mu chasaidean burraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd mura bi an rannsachadh sin gu tur neo-eisimeileach. Gheall Ms Freeman aig deasabad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-raoir, gum faigh i gu fìrinn na cùise. Tha NHS na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh gun robh cultar de bhurraidheachd ann.

Stòradh Càrboin

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte den bheachd gum bi a' chiad ionad ann am Breatainn airson càrbon a ghlèidheadh agus a stòradh stèidhichte ro mheadhan nam 20an. Bha Ceann Phàdraig air aon de na làraichean air an robh an Riaghaltas a' coimhead airson an teicneòlais ùir mus deach an taic-airgid a tharraing bho chionn trì bliadhna.

Seann Chlàran Ola

Tha ceudan chompanaidhean ann an gnìomhachas na h-ola agus a' ghas ann an Cill Rìmhinn an-diugh, a' deasbad mar as fheàrr seann chlàran agus innleachd eile a chur às a chèile, agus dragh ann mu chosgais na h-obrach sin. Tha a' bhuidheann riaghlaidh, Oil and Gas UK, den bheachd gum faodadh an t-suim èirigh gu £60bn uile gu lèir, agus tha iad ag amas air còrr is an treas cuid a ghearradh far na cosgais a tha sin.