Rabhadh mu chall beatha air Rathad an t-Stròim

Rathad an t-Sròim Image copyright Google
Image caption Chaidh obair luach còrr is £1m a dhèanamh air a' chreig os cionn an rathaid a dhèanamh nas sàbhailte anns na trì mìosan mu dheireadh.

Canaidh Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd ri Rùnaire na Còmhdhail Diardaoin gur dòcha gun caill daoine am beatha mura faigh iad taic-airgid gus Seach Rathad an t-Stròim a dhèanamh nas sàbhailte.

Coinnichidh an Comhairliche Mairead Davidson ri Mìchael MacMhathain BPA ann an Dùn Èideann.

Tha maoimean-slèibhe air bualadh air seach rathad an t-Stròim gu tric thar nam bliadhnaichean.

Chaidh obair luach còrr is £1m a dhèanamh airson a' chreig os cionn an rathaid a dhèanamh nas sàbhailte anns na trì mìosan mu dheireadh.

Ach tha Comhairle na Gàidhealtachd air aideachadh gu bheil àiteachan ann fhathast far am faodadh creagan tuiteam air an rathad, a' cur beatha dhaoine ann an cunnart.

'S ann air a' Chomhairle a tha dleasdanas airson an rathaid, ach aig coinneimh ann an Dùn Èideann Diardaoin, canaidh ceannard an ùghdarrais, Mairead Davidson, ri Rùnaire na Còmhdhail, Mìchael MacMhathain, gum feum iad taic-airgid bhon Riaghaltais gus fuasgladh maireannach fhaighinn.