Taic air a gealltainn do luchd-obrach factaraidh èisg

Soidhne
Image caption Thàinig dearbhadh bho Chompanaidh Bhradain Dhùn Èideann Diciadain gum bi an t-ionad aca ann an Inbhir Pheofharain a' dùnadh .

Bidh fèill cosnaidhean ann an ath-sheachdain, airson taic a thoirt do luchd-obrach aig factaraidh èisg ann an Inbhir Pheofharain le obair ùr a lorg.

Gheall ball-pàrlamaid Albannach na sgìre, Ceit Fhoirbeis, gum bi an taic a tha a dhìth ri fhaotainn dhaibh.

Thàinig dearbhadh bho Chompanaidh Bhradain Dhùn Èideann Diciadain gum bi an t-ionad aca ann an Inbhir Pheofharain a' dùnadh .

Tha 160 luchd-obrach ann, agus suas ri 100 duine a' faighinn cosnaidh ann aig na h-amannan as trainge.

'S ann le companaidh à Thailand a tha Companaidh Bhradain Dhùn Èideann.

Sireadh bheachdan

Dhearbh iad gun dùin iad an fhactaraidh aca ann an Inbhir Pheofharain ro dheireadh na bliadhna.

Tha a' chompanaidh fo shealbh Buidheann Aonaidh Thai (Thai Union Group), a tha stèidhichte ann an Thailand ach a' ruith ghnothachasan air feadh an t-saoghail.

Anns an Lùnastal thug iad rabhadh gun robh an fhactaraidh ann an Inbhir Pheofharain a' call tòrr airgid air sgàth agus gun robh e duilich dhaibh gu leòr a reic.

Às dèidh ùine a' sireadh bheachdan thuirt iad Diciadain nach robh dol às aca ach an fhactaraidh a dhùnadh.

Thuirt a' chompanaidh gun dèanadh iad an dìcheall dèanamh cinnteach gum faigh an luchd-obrach cuideachadh ann a bhith a' faighinn obair eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo