Sgoil MhicNeacail a' buannachadh Deasbad nan Sgoiltean

Sgioba Sgoil MhicNeacail Image copyright Pàrlamaid na h-Alba
Image caption Rinn Hannah NicLeòid is Sandaidh Moireasdan a' chùis air Fionnlagh MacIllinnein is Calum Dunbar bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sa chuairt dheireannaich.

'S e Sgoil MhicNeacail a bhuannaich Deasbad Nàiseanta nan Àrd-Sgoiltean ann am Pàrlamaid na h-Alba oidhche Chiadain.

Rinn Hannah NicLeòid is Sandaidh Moireasdan a' chùis air Fionnlagh MacIllinnein is Calum Dunbar bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis sa chuairt dheireannaich.

Bhuannaich Hannah cuideachd duais an neach-deasbaid a b'fheàrr.

'S e seo an dàrna bliadhna an sreath a chèile a tha sgioba bho Sgoil MhicNeacail air an fharpais a bhuannachadh.

Bha 16 sgiobaidhean a' gabhail pàirt anns an fharpais ann an 2018.