Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Dhiùlt am Prìomhaire a ràdh nach fhàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach anns a' Mhàrt gun aonta. Thuirt Theresa May, agus i a' toirt fianais anns a' mhadainn do Chomataidh a' Cho-Obrachaidh ann an Taigh nan Cumantan, ma 's e agus gum bhòt a' Phàrlamaid an aghaidh an aonta air an 11mh là den ath-mhìos, gum feum an Riaghaltas cur ris an ullachadh airson falbh gun aonta.

Bidh ministear Oifis a' Chaibineit, Dàibhidh Liddington, mu choinneimh Comataidh Amalaichte aig Holyrood feasgar, agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' feuchainn ri taic fhaighinn do dh'aonta Bhrexit a' Phrìomhaire.

Tha Riaghladair Bhanca Shasainn a' dol às àicheadh gu bheil e air a bhith a' sgaoileadh eagail gun adhbhar an dèidh analasas a thuirt gun tigeadh crìonadh mòr air an eaconomaidh le Brexit gun aonta. Thuirt Mark Carney gu bheil earrainnean mòra de dh'eaconomaidh Bhreatainn nach eil deiseil idir airson fàgail gun aonta.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha fiachan Chomhairle na Gàidhealtachd a' tighinn faisg air a bhith uimhir eile ri an teachd a-steach bhliadhnail. Tha Coimisean nan Cunntasan, a rinn sgrùdadh air suidheachadh ionmhais nan ùghdarrasan ionadail air feadh Alba, ag ràdh nach eil ach dà chomhairle eile ann an suidheachadh nas miosa le fiachan - Obar Dheathain agus Taobh Siar Dhùn Bhreatann.

Seach-Rathad an t-Sròim

Bheir ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd rabhadh do Mhinistear na Còmhdhail an-diugh gun tèid beatha a chall mura cuir Riaghaltas na h-Alba airgead ri leasachadh air Seach-Rathad an t-Sròim air taobh siar Rois. Tha Màiread Davidson a' coinneachadh ri Mìcheal MacMhathain ann an Dùn Èideann an-diugh.

Esco

Tha Companaidh Bhradain Dhùn Èideann ag ràdh nach eil roghainn aca ach an fhactaraidh ann an Inbhir Pheofharain a dhùnadh aig deireadh na bliadhna. Leig iad fhaicinn anns an t-Sultain gu bheil iad a' call airgid. Caillidh còrr is 100 duine cosnadh, ach tha a' chompanaidh ag ràdh gun toir iad a h-uile taic dhaibhsan a' feuchainn ri obair ùr fhaighinn.

Thomas Cook

Bha call bliadhnail de £803m air a' chompanaidh shaor-làithean Thomas Cook. Bha prothaid de £9m aca an-uiridh. Thuirt àrd-oifigeach na companaidh, Peter Fankhauser, gur e aimsir mhath an t-Samhraidh ann am Breatainn as motha a thug buaidh orra.