Bypass
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seach-rathad an t-Sròim "na chunnart"

29 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha seach-rathad an t-Sròim a' cur beatha ann an cunnart, a rèir cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, is i ag iarraidh cuideachaidh bho Riaghaltas na h-Alba gus a leasachadh.

Bha an Comh. Mairead Davidson a' coinneachadh ri ministearean an-diugh aig Holyrood.

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil iad air a bhith ag obair leis a' Chomhairle gus dèanamh a-mach dè na roghainnean a th' ann airson an rathad a leasachadh, ach gur ann leis a' Chomhairle a tha an rathad.

Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc.