Luchd-lagha an sàs ann an cùmhnant nan aiseagan ùra

An Glen Sannox Image copyright Mark F Gibson
Image caption Fhuair Marine Ferguson an cùmhnant airson dà aiseag ùr a thogail ann an 2015

Tha a' chompanaidh togail shoithichean Ferguson Marine Engineering Ltd ann an còmhraidhean le luchd-lagha 's iad a' sireadh barrachd airgid bho CMAL.

Tha cùmhnant luach £97m aig a' chompanaidh airson dà aiseag ùr-nodhach a thogail dha CMAL a fhrithealas air slighean Ùige, an Tairbeirt 's Loch nam Madadh agus air Eilean Arainn.

Tha iad ag ràdh ge-tà gun do dh'èirich trioblaidean ris nach robh dùil le na h-aiseagan agus gun do chuir sin ri cosgaisean a' chùmhnant.

Tha coltas ann cuideachd gum bi a' chiad aiseag - an MV Glen Sannox - còrr air bliadhna air dheireadh.

A-nis, tha Ferguson Marine a' sireadh chomhairle bho eòlaichean air airgead-dìolaidh, airson cuid den airgead a tha iad ag ràdh a chosg iad fhaighinn air ais.

Tha iad ag amas air iarrtas foirmeil a chur gu CMAL sna beagan sheachdainnean air thoiseach, thuirt iad.

Thuirt CMAL gu bheil Ferguson Marine fo chùmhnant airson an dà bhàt-aiseag a dhealbh agus a thogail - agus gun deach prìs agus ceann-là a chur mu choinneimh na h-obrach sin.

Chaidh iad às àicheadh gu bheil atharrachaidhean mòra air tighinn air dreach nan aiseagan bho na chaidh aontachadh nuair a chaidh an cùmhnant a thoirt seachad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile