Boireannach air a leagail le càr

Bhàsaich boireannach a bha a' coiseachd às dèidh do chàr bualadh innte ann am Baile Màiri ann an Siorrachd Rois.

Thachair an tubaist mu 22:00 oidhche Dhiardaoin air an A835 far a bheil e a' dol thairis air Abhainn Chonain.

Cha deach dràibhear a' chàir, Renault Clio geal, a ghoirteachadh idir.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh, air neo dealbhan dashcam, fios a chur thuca.