Aimsir a' toirt buaidh

Rabhadh

Tha sreath de sgoiltean anns na h-Eileanan an Iar dùinte Dihaoine is rabhadh ann mu dhroch aimsir.

Chaidh rabhadh buidhe 'son gaoithe a chur an sàs air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan eadar 05.00 madainn Dihaoine is meadhan-oidhche.

Anns na h-Eileanan an Iar, chaidh na sgoiltean a leanas a dhùnadh:

  • Sgoil Uibhist a Tuath
  • Sgoil an Ìochdair
  • Sgoil Bhaile a' Mhanaich
  • Sgoil Dhalabroig
  • Sgoil Bhàgh a' Chaisteil

Tha an aimsir cuideachd bualadh air còmhdhail.

Tha buaidh cuideachd air cha mhòr a h-uile seirbheis aiseig aig CalMac.

Gheibhear am fiosrachadh às ùr an seo.

Tha na Poilis anns na h-Eileanan cuideachd air innse gu bheil am Bràighe a-nise fosgailte le siostam conbhoidh.

Bha an rathad dùinte nas tràithe air a' mhadainn.

Chaidh a dhearbhadh cuideachd gun tèid na sollais Nollaige ann an Steòrnabhagh a chur air oidhche Haoine mar a bha dùil.

Bidh an tachartas stèidhichte timcheall air talla a' bhaile ge-tà seach Cearnag Perceval.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile