Cead do cho-chomhairle air cìs turasachd

Taighean-osta an Inbhir Nis Image copyright Getty Images

Dh'aontaich comhairlichean air a' Ghàidhealtachd a dhol air adhart ri co-chomhairle mu chìs turasachd a stèidheachadh.

Tha iad am measg ùghdarrasan a tha ag ràdh gum faodadh cìs den leithid feum mòr a dhèanamh.

A rèir aithisg a chaidh air beulaibh chomhairlichean Diardaoin, thathas a' tomhas gun tàinig 6.5 millean luchd-turais dhan sgìre an-uiridh, a' cumail taic ri 25,000 dreuchd agus a' cur £1.2bn ri eaconomaidh na sgìre.

Tha dragh ann nach eil bun-structar na Gàidhealtachd comasach air dèiligeadh ris na h-àireamhan a th' ann.

Leasachadh

Tha oifigich na comhairle ag ràdh gum faodadh cìs air luchd-turais eadar £5m is £10m a thogail gach bliadhna airson goireasan a leasachadh.

Dh'aontaich comhairlichean Diardaoin taic a chur ri co-chomhairle phoblach mun chùis.

Tha Comhairle Dhùn Èideann mar-thà air co-chomhairle a thòiseachadh, is dh'innis am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gum bi co-chomhairle ann gu nàiseanta cuideachd.

Dh'fheumadh Riaghaltas na h-Alba cead a thoirt do dh'ùghdarrasan cìs turasachd a chur an sàs.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile