Cùmhnant mòr Chiseoirn
- Air fhoillseachadh

Tha Port Chiseoirn air a' chiad chùmhnant mhòr fhaighinn aca fhaighinn bho chaidh leasachadh a dhèanamh air a' ghàrradh-iarainn aca.
Anns a' bhliadhna ùr, thig fear de na clàran tollaidh as mòtha san t-saoghal - an Ocean Great White - thuca airson obair leasachaidh a dhèanamh oirre a mhaireas cho fada ri trì mìosan.
Bidh e an uairsin ga ghluasad dhan Chuan a Tuath far am bi e ri obair tollaidh.
Bha Ciseorn uair a' togail chlàran-ola airson obair sa Chuan a Tuath.
Fhuair còrr air 3,000 neach cosnadh aig an làraich ann an 1977 is Clàr Ninian ga thogail ann - clàr anns an robh cuideam de chòrr air 600,000 tunna.
Bha an làrach trang a-rithist sna 1990an agus pìosan de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich gan togail ann.
'S e glè bheag de dh'obair a tha air a bhith ann bhon uairsin ge-tà.
Doimhneachd
Thuirt Sìm Ruiseal bho Phort Chiseiirn Earranta gu bheil iad deiseil airson iomadh seòrsa phròiseict.
Dh'innis e gu bheil iad air iomadach là a chur seachad gus cùmhnant den t-seòrsa seo fhaighinn.
Chuir e ris a sin agus e a' canail: ''Tha mi smaoineachadh gur e fear de na h-adhbharan a fhuair sinn an cùmhnant a tha seo, ach cho domhainn sa tha Loch Ciseorn - eadar 60m agus 70m.
"Tha glè bheag de ghàrraidhean-iarainn an Alba anns a bheil doimhneachd den t-seòrsa sin agus a tha faisg air a' chladach.''
Dh'fhaodadh gum feum barrachd dhaoine fhastadh aig a' ghàrradh, ach chan do dh'innis Mgr Ruiseal cia mheud duine a bhiodh a dhìth.
Thuirt e gum bi luchd-obrach an cois a' chlàir-ola fhèin.
Ach a dh'aindeoin sin, bhiodh e an dòchas gum bi cothrom aig muinntir an àite agus companaidhean san sgìre cosnadh agus obair fhaotainn fhad' 's a tha an obair ga dèanamh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 An t-Sultain 2018
- 6 An Lùnastal 2013