Buille eile dha BiFab

Gàrradh Àranais

Tha a' chompanaidh BiFab - aig a bheil gàrraidhean-togail ann an Leòdhas agus Fìobha - air buille eile fhulaing, agus iad air cothrom a chall air cùmhnant mòr luachmhor.

Chaidh obair luach £160m airson tuath-gaoithe ann an Linne Mhoireibh a choisinn le companaidh stèidhichte anns an Ear Mheadhanach.

Tha gàrradh Àirinis, agus na gàraidhean aig BiFab ann am Fìobha, air a bhith dùinte fad mhìosan.

Thuirt riochdaire bho Aonadh an GMB gu bheil feum mòr air deagh naidheachd san aithghearrachd do na gàrraidhean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo