Taighean air an Taobh Sear

Stafainn
Image caption Tha seachd taighean-còmhnaidh, ionad slàinte agus aonadan gnothachais san sgeama.

Tha dòchas ann gun tòisich obair air leasachadh taigheadas ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air an t-Samhradh seo tighinn.

Tha Urras an Taobh Sear an dùil sealbh fhaighinn air an fhearann ann an Stafainn tràth sa Bhliadhna Ùir.

Tha seachd taighean-còmhnaidh, ionad slàinte agus aonadan gnothachais san sgeama.

Pròiseact eachdraidheil

'S e seo a' chiad phròiseact taigheadais, anns am bi taighean air nach bi prìs àrd, ri fhaotainn anns an sgìre ann am 20 bliadhna.

Tha an t-Urras a' cur romhpa seo a dhèanamh leis an àireamh-sluaigh a' crìonadh, agus tòrr de na taighean air an cleachdadh airson luchd-turais.

'S e fear de na h-amasan aca gum bi àiteachan-fuirich ri fhaotainn gu h-àraidh dhan ghinealach òg.

Tha iad an dòchas gun tèid am pròiseact air adhart air talamh a thigeadh a-mach à croitearachd aig Steinnseall.

Airgead

Tha airgead aca airson an talamh a cheannach.

Fhuair iad taic-airgid £231,700 bho Mhaoin Fearainn na h-Alba airson seo a dhèanamh.

Fhuair iad cead-dealbhachaidh bho Chomhairle na Gàidhealtachd na bu tràithe den bhliadhna.

Dh'innis Dòmhnall Dòmhnallach bhon Urras gu bheil iad an dòchas airgead fhaighinn airson crìoch a chur air a' phròiseact eadar seo agus a' Chàisg.

Thuirt e cuideachd gum biodh e an dòchas gun tòisich an obair as t-Samhradh seo tighinn agus gum bi na taighean air an togail ro dheireadh na bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo