Uachdaran air gèilleadh mu reic croite

Caoraich

Chuir uachdaran air Taobh Siar Rois a chùl ri ath-thagradh an aghaidh breith Cùirt an Fhearainn mu chroit ann an Loch Carrann.

Bha croitear san sgìre, Peter Malone, air a bhith ag iarraidh a' chroit aige a cheannach o chionn ceithir bliadhna, agus e air a bhith oirre 23 bliadhna.

Fhuair e a' chroit aige air an Rubha Dubh an dèidh dha a dhreuchd mar lìghiche sprèidh ann an Northumberland a leigeil dheth.

Thathas a' tuigsinn gun robh i ann an droch staid aig an àm sin, agus gun tug Mgr Malone piseach mòr oirre, 's gu bheil caoraich is crodh ag ionaltradh oirre.

Bha an t-uachdaran, Mark Pattinson, air a bhith a' diùltadh a reic ris, agus chaidh a' chùis gu Cùirt an Fhearainn, a choinnich anns a' Phloc bho chionn bliadhna.

Bha an t-uachdaran ag ràdh nach robh a' chroit air a h-obrachadh ann an dòigh shusbaintich sam bith, agus gun robh stoc oirre ann an ainm a-mhàin.

Nochd co-dhùnadh na cùirte air a' mhìos a chaidh, agus thuirt e gun robh a' chroit air a h-obrachadh nas fheàrr na mòran eile anns na sgìrean croitearachd.

Thuirt a' chùirt gum faodadh Mgr Malone a' chroit a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Tha an t-uachdaran nis air cur às dhan ath-thagradh aige.