Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gatwick

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Chris Grayling, gun deach dèanamh cinnteach gu bheil e sàbhailte siubhal aig Port-Adhair Ghatwick, ged a chaidh drònaichean fhaicinn an sin a-rithist an-raoir. Cha d' fhuair poilis, a tha a' faighinn taic bhon Arm, sgeul fhathast air ge b' i cò a tha a' ruith dhrònaichean os cionn an raoin-laighe. Thuirt Mgr Grayling nach do thachair a leithid riamh roimhe ann am Breatainn, ach gun tèid ionnsachadh bhon seo.

Jim Mattis

Tha Rùnaire Dìon nan Stàitean Aonaichte, Jim Mattis, a' fàgail a dhreuchd dìreach là an dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump innse gu bheil e a' toirt nam feachdan Aimeireaganach a th' air fhàgail ann an Siria dhachaigh. Thuirt Mgr Mattis, na litir a' cur bhuaithe na dreuchd, gur e rùnaire dìon a tha ag aontachadh ris a dh'fheumas an Ceann-Suidhe. Tha aithrisean ann a-niste gu bheil Riaghaltas a' Chinn-Suidhe Trump am beachd leth de na feachdan Aimeireaganach, mu 7,000 dhiubh, a tharraing a-mach à Afganastan.

Locarbaigh

Chuir a' Bhàn-Righ teachdaireachd gu muinntir Locarbaigh agus 30 bliadhna ann an-diugh bho spreadhadh an t-itealan PanAm103 os cionn a' bhaile. 'S i an ionnsaigh ann an 1988 a' cheannairc as motha riamh ann am Breatainn. Chaidh a h-uile duine air a' phlèana, 259 duine, a mharbhadh, agus chaill 11 duine de mhuinntir a' bhaile am beatha.

BiFab

Tha dragh às ùr ann mu ghàraidhean BiFab ann am Fìobha agus ann an Leòdhas, agus cùmhnant mòr sa bheil luach £160m airson tuath-gaoithe aig muir a' dol dhan Ear-Mheadhanach. Tha dragh air na h-aonaidhean gun do chaill na gàraidhean Albannach cothrom air obair sam bith airson Tuath-Gaoithe Mhoireibh an Ear.

Ciseorn

Aig an aon àm tha Port Chiseoirn air Taobh Siar Rois air a' chiad chùmhnant mòr fhaighinn bho chaidh leasachadh a dhèanamh air a' ghàradh. Tha aon de na clàran tollaidh as motha a th' air an t-Saoghal, Ocean Great White, a' dol gu càradh airson trì mìosan ann an Ciseorn, mus tèid i a-mach a dh'obair anns a' Chuan a Tuath.

Loch Carrann

Thàinig strì fhada laghail mu chroit air Taobh Siar Rois gu ceann. Tha an t-uachdaran a bha a' diùltadh a' chroit a reic air gèilleadh an dèidh dha a bhith a' tagradh an aghaidh breithneachadh Cùirt an Fhearainn. Tha coltas ann a-niste gum faodadh croitearan eile air Oighreachd Loch Carrann feuchainn ris na croitean aca a cheannach.