Seirbheis Inbhir Nis - Amsterdam ga leudachadh

Port-Adhair Inbhir Nis Image copyright John Allan/Geograph

Tha leudachadh a' tighinn air an t-seirbheis adhair eadar Inbhir Nis agus Amsterdam.

Dh'innis companaidh nam port-adhair HIAL gum bi KLM a' ruith trì seirbheisean san là, sia là san t-seachdain ann am meadhan an t-Samhraidh.

Tha KLM ag ràdh gu bheil an ceangal air soirbheachadh gu mòr bho thòisich iad air ann an 2016.

"'S e naidheachd mhòr a th' ann gu h-àraid do Phort-Adhair Inbhir Nis, air sgàth 's gu bheil iadsan air a bhith a' putadh airson seo o chionn fhada," thuirt an t-eòlaiche siubhail, Dàibhidh Byrne.

Schiphol

"Thèid an t-itealan Boeing737 a chleachdadh air an t-slighe, agus sin itealan nas motha na tha iad a' cleachdadh an-dràsta.

"An uidheamachd a tha iad a' cleachdadh an-dràsta, 's e am Embraer175.

"Tha am Boeing a' gabhail rudeigin mar 40 neach-siubhail a bharrachd.

"Le sin là às dèidh là 's e tòrr mòr a th' ann anns a' mhìos, mar gum biodh," thuirt e.

Is coltach gu bheil iarrtas mòr air an t-seirbheis seo, a tha a' ceangal Inbhir Nis ri fear de na puirt-adhair as motha anns an Roinn Eòrpa - Schiphol.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Cha bhiodh KLM airson seo a dhèanamh gun a bhith air rannsachadh a dhèanamh air àireamhan.

"Tha fèill mhòr air an sgìre timcheall air Inbhir Nis. An NC500 a tha cliùiteach is ainmeil, air feadh an t-Saoghail, agus tha sin a' tàladh dhaoine.

"Rud eile a tha gu math mòr, 's e Outlander. Tha sin a' tàladh dhaoine cuideachd - luchd-turais a th' airson beagan de "set-jetting" a dhèanamh agus coimhead air na h-àiteachan far an deach prògram TBh a chlàradh.

"Agus leis an Not rudeigin lag, tha sin a' tàladh dhaoine cuideachd.

"Uile gu lèir, na rudan sin, tha iad a' tàladh dhaoine, agus tha misneachd aig KLM gum bi e a' tàladh barrachd dhaoine an ath-Shamhradh," thuirt e.