Maoineachadh ga chall

Tha buidheann ann an Inbhir Nis a bheir taic do chloinn le feumalachdan sònraichte agus dhan cuid theaghlaichean, ann an cunnart a dhol à bith às dèidh na Càisge ma chailleas iad am maoineachadh a bha iad a' faighinn bho Chomhairle na Gàidealtachd.

Bidh SNAP - Special Needs Action Project - a' ruith chlubaichean às dèidh na sgoile 's cur-seachadan do chloinn le Down's Syndrome, cerebral palsy 's eile.

Bha iad a' faighinn £70,000 sa bhliadhna bho Chomhairle na Gàidhealtachd ach thèid sin a chall mar phàirt de ghearraidhean na Comhairle.

Ann am brath-naidheachd thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' cur luach ann an obair na buidhne, ach gum feumar gearraidhean a dhèanamh anns gach roinn.

Thuirt Dawn Walker bho SNAP gu bheil iad mothachail gum feum a' Chomhairle airgead a shàbhaladh ach nach biodh e idir cothromach dhan chloinn a tha iad-san a' cuideachadh nan deadh an taic-airgid aca a tharraing.

Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad an dùil coinneachadh ris a' bhuidhinn anns a' Bhliadhna Ùir airson coimhead ri na roghainnean a th' aca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile