Adhartas le ionad na h-Iolaire
- Air fhoillseachadh

Tha buidheann-obrach a th' air cùl phlanaichean airson ionad a chur air dòigh mar chuimhneachan air tubaist na h-Iolaire air airgead gu leòr a thogail airson gluasad air adhart chun na h-ath-ìre.
Tha manaidsear pròiseict a-nis ga fhastadh airson cùis ghnothachais ullachadh airson an ionaid, a bhiodh stèidhichte aig cidhe a h-aon ann an Steòrnabhagh.
Thuirt Stiùbhart Greumach, a th' air cùlaibh a' phròiseict, gun robh buaidh mhaireannach aig an tubaist air gach roinn de bheatha agus cultar nan eilean, air an t-sluagh agus air an eaconomaidh, ach nach deach a chomharrachadh gu nàiseanta air neo gu h-eadar-nàiseanta mar bu chòir.
Tha seo am measg grunn phròiseactan a th' anns an amharc an-dràsta airson ceann-bliadhna na tubaiste na comharrachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 31 Am Faoilleach 2018