Taic 'son rothaireachd

Campus Inbhir Nis Image copyright Handout
Image caption Thèid còrr air £200,000 a roinn eadar 15 colaiste 's oilthigh air feadh Alba

Tha Colaiste UHI Inbhir Nis am measg grunn ionadan-foghlaim ann an Alba a th' air maoineachadh fhaighinn airson leasachadh a thoirt air goireasan do luchd-baidhseagail.

Thèid am maoineachadh do £202,900 a roinn eadar 15 oilthigh agus colaiste air feadh Alba.

'S ann bhon bhuidhinn Rothaireachd Alba a thig an t-airgead a thèid a chosg a' brosnachadh oileanaich agus luchd-teagaisg gu bhith a' falbh air baidhseagal.

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, le bhith a' cosg barrachd airgid air goireasan do luchd-baidhseagail, gun dèan seo cùisean nas sàbhailte agus nas goireasaiche do dh'oileanaich agus don luchd-obrach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile