Fireannach ga shireadh

Tha na Poilis a' sireadh fireannaich, 29 bliadhna de dh'aois, a bh' ann an Toirbheartan an t-seachdainn seo chaidh.

Cha chuala teaghlach Mhata Tomlinson càil bhuaithe bho Dhihaoine.

Bha dùil aige siubhal dhachaigh a Dhùn Breatainn, air rathad air A87, agus chleachd na Poilis na meadhanan sòisealta airson faighneachd do luchd-aoigheachd anns an Eilean Sgitheanach, ann an Loch Aillse agus an Loch Abar an do dh'fhuirich e còmhla riutha.

Bha e a' siubhal ann an càr Vauxhall Insignia dubh.

Thuirt iad gu bheil an teaghlach aige a' sìor fhàs iomagaineach mu dheidhinn.