Fireannach marbh às dèidh tubaist rathaid

Matthew Tomlinson Image copyright POILEAS ALBA
Image caption Chaidh innse dhan na Poilis Disathairne nach robh sgeul air Mata Tomlinson

Fhuair na Poilis corp Diluain às dèidh tubaist-rathaid le aon chàr air an A87 faisg air Inbhir Garadh.

Bha iad air a bhith a' sireadh fireannaich, 29 bliadhna de dh'aois, air nach robh sgeul bho Dhihaoine seo chaidh.

Bha dùil gun robh Mata Tomlinson a' siubhail dhachaigh gu Dùn Breatann à Toirbheartan.

Cha deach dearbhadh fhathast an e a bh' ann ach chaidh fios a chur gu theaghlach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo