Aithisg mu shealgairean gu Neach-Casaid a' Chrùin

Larysa Switlyk le gobhar marbh Image copyright Twitter/@LSwitlyk
Image caption Chuir na dealbhan a sgaoil Larysa Switlyk uabhas air mòran

Chaidh aithris a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin mu shealgair às na Stàitean Aonaichte a sgaoil dealbhan dhi fhèin le gobhar fiadhaich a chaidh a spadadh ann an Ìle.

Bha Larysa Switlyk, a tha na preasantair telebhisein, ri sealg nan gobhar ann an Ìle anns an t-Sultain.

Chuir na dealbhan a sgaoil i ge-tà cais air mòran.

Dhearbh Poileas Alba gun deach aithisgean mu bhoireannach, 33 bliadhna de dh'aois, agus fireannach, 41, às na Stàitean Aonaichte, gu Neach-Casaid a' Chrùin co-cheangailte ri eucoir ghunnaichean.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun dèan iad ath-sgrùdadh air riaghailtean spadaidh ri linn na cùise.