Raon-parcaidh ùr deiseil

  • Air fhoillseachadh
Glumagan nan SìthicheanTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Tha cion àitean parcaidh air a bhith na thrioblaid anns an sgìre

Chaidh crìoch a chur air pàirce-chàraichean ùr aig Glumagan nan Sìthichean anns an Eilean Sgitheanach.

Tha na tha de luchd-turais a' tadhal air an sgìre air trioblaidean adbharachadh do mhuinntir an àite, le càraichean air am fàgail aig oir an rathaid.

Bidh àite ann a-nis do 120 carbad, agus rùm airson bhanaichean-campachaidh 's busaichean le luchd-turais.

Cosgaidh e £5 do dhaoine carbad fhàgail, ach bidh cothrom aig muinntir an àite cead-parcaidh an-asgaidh fhaighinn.

Thèid an t-airgead a thogas a' chìs a chosg anns a' choimhearsnachd fhèin.

Tòisichidh obair air an ath-earrann den phròiseact an ath-bhliadhna le taighean-beaga poblach am measg na th' anns an amharc.