"Tuilleadh taic a dhith air tuathanaich"

Bàrr
Image caption Thug samhradh fada tioram buaidh air bàrr

Tha a' bhuidheann-ghlèidhteachais WWF Scotland ag ràdh gu bheil barrachd taic Riaghaltais a dhìth air tuathanaich mu choinneimh buaidh atharrachadh na sìde.

Thuirt iad gun robh buaidh mhòr air aimsir neo-àbhaisteach ann an 2018 air bàrr.

Thuirt manaidsear poileasaidh bìdh agus àrainneachd na buidhne, Sheila George, nach gabh smaoineachadh air atharrachadh na sìde a-nis mar rud a tha a' toirt buaidh air daoine fad air falbh, ach gu bheil sinn ga fhaicinn a-nis air ar beulaibh.

Thuirt Lynn Cassells a tha na croitear air a' Ghàidhealtachd gun robh fìor mheasgachadh de dh'aimsir ann am bliadhna - eadar uisge mòr, sneachda agus samhradh fada far an robh gainnead uisge na thrioblaid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile