Tagradh 'son fireannach a tha a dhìth

Mìcheal MacColla Image copyright POILEAS ALBA
Image caption Cha deach Mìcheal MacColla fhaicinn bho oidhche Luain

Rinn Poileas Alba tagradh 'son fiosrachadh mu fhireannach nach deach fhaicinn bho Dhiluain.

'S ann an sgìre an Ràthaig Mhòir den bhaile a chaidh Mìcheal MacColla, a tha 33, fhaicinn mu dheidhinn aig mu 23:00f.

Tha e mu shia troighean a dh'àirde, caol, le falt goirid donn.

Tha blas Inbhir Nis air a chainnt.

Mar as tric 's e seacaid denim a bhios air le muilcheannan glasa, dìnichean dubha agus ad "beanie" dubh.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn fònadh thuca air an àireamh-fòn 101 cho luath 's a ghabhas.