Fireannach air bàsachadh ann an tubaist-rathaid

Bhàsaich fireannach, 49, ann an tubaist-rathaid air an A9 faisg air Peairt air Là na Nollaige.

Bha an rathad dùinte a' dol gach taobh tuath air Longartaidh às dèidh na tubaiste a thachair aig mu 13:40.

Dh'fhosgail an rathad a-rithist aig mu 17:30.

Cha robh ach an aon charbad an lùib na tubaiste.