Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Kaiam

Chaidh còrr agus £17,000 a thogail dhan luchd-obrach a chaill an dreuchdan aig a' chompanaidh choimpiutaireachd Kaiam air an là ron Nollaig. Chaidh làrach crowdfunder a stèidheachadh nuair a chaidh fhoillseachadh nach deadh an luchd-obrach a phàigheadh airson an saothair san Dùbhlachd - agus an luchd-rianachd ag ràdh nach robh airgead sam bith ann an cunntasan na companaidh.

Aig a' cheart àm tha ball Làbarach ann am Pàrlamaid Holyrood air rannsachadh iarraidh air taic-airgid a fhuair Kaiam bhon Riaghaltas. Tha Niall Findlay ag iarraidh air Comataidh na h-Eaconamaidh sa Phàrlamaid sùil a thoirt air mar a fhuair iad grant do £850,000 bho chionn ceithir bliadhna airson an fhactaraidh aca ann am Baile Dhùn Lèibhe a leudachadh.

Mucan-mara

Tha càineadh eadar-naiseanta ga dhèanamh air co-dhùnadh Iapain tarraing a-mach às a' Choimisean Eadar-nàiseanta air Sealg nam Mucan-Mara. Thuirt an Riaghaltas ann an Tokyo gun tòisicheadh iad a' sealg nam beathaichean gu coimearsalta anns an Iuchar. Chaidh casg a chuir air sealg coimearsalta bho chionn còrr is deich bliadhna fichead. Thèid Iapan còmhla ri Nirribhidh agus Innis Tìle ann a bhith a' dùbhlanachadh a' chasg. Tha New Zealand agus Astràilia ag ràdh gur e co-dhùnadh tàmailteach a th'ann - leis a' bhuidhinn-ghlèidhteachais Greenpeace ag ràdh gun robh Iapan a' cur a h-aghaidh ris a' choimhearsnachd eadar-nàiseanta.

Inimrichean

Chaidh triùir in-imrichean a lorg ann am bata beag a-raoir 's iad a' feuchainn ri faighinn thairis air Caolas Shasainn. Bha oifigearan bho Fheachd nan Crìochan air oidhirpean an aghaidh chùiltearachd dhaoine a neartachadh às dèidh mar a chaidh stad a chuir air dà fhichead inimriche mì-laghail anns a' Chaolas an-dè.

Etna

A rèir ùghdarrasan na h-Eadailte, chaidh timcheall air dusan neach a ghoirteachadh ann an crith-thalmhainn air cliathaich na bholcàno Mount Etna ann an Sicily. Chaidh grunn thogalaichean a mhilleadh sa chrith-thalmhainn, a bhuail aig 03:20m an-diugh. Chaidh a tomhais aig ceithir puing a h-ochd.

Buill-bhodhaig

Tha an àireamh de dh'Albannaich air clàr tabhartaichean nam ball-bodhaig aig an ìre as àirde a-riamh - a rèir figearan oifigeil bhon NHS. Tha iad a' sealltain gun do chuir faisg air 150,000 an ainmean ris a' chlàr am bliadhna - a toirt na h-àireimh gu lèir gu faisg air 2.8m - sin còrr is dàrna leth do shluagh na h-Alba.