Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Burraidheachd

Thuirt Cathraiche Chomann Meidigeach Bhreatainn ann an Alba gur e sgainneal a th' ann am burraidheachd, a tha a' toirt droch bhuaidh air cùram euslainteach. Thuirt an Dtr Lewis Moireasdan gu bheil burraidheachd agus sàrachadh air feadh sheirbheis na slàinte. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' toirt prìomhachas do chòirichean luchd-obrach.

Tidsearan

Tha an t-aonadh thidsearan as motha ann an Alba a' faighneachd a bheil gnè a' toirt buaidh air tuarasdal. Tha an EIS a' cumail a-mach gu bheil pàigheadh thidsearan gu math nas lugha na th' ann an dreuchdan eile anns a bheil nas motha de dh'fhir ag obair agus tha iad ag iarraidh àrdachadh 10%. Thuirt Riaghltas na h-Alba gu bheil iad gu mòr an aghaidh leth-bhreith de sheòrsa sam bith a thaobh gnè agus gu bheil iad a' tabhann àrdachadh pàighidh nas fheàrr air tidsearan.

HES

Chaidh luchd-obrach iarraidh gu coinneamhan aig companaidh ann an Siorrachd Lannraig a tha a' làimhseachadh sgudail mheidigich. Dh' iarr Healthcare Environmental Services air luchd-obrach a dhol dhan oifis ann an Shotts an-diugh agus dragh ann gum faodadh feadhainn an cosnadh a chall. Chaidh innse do luchd-obrach Diluain gur dòcha nach fhaigh iad am pàigheadh a-màireach.

Bàs

Chuir poilis duine an greim an dèidh bàs ann an Obar Dheathainn. Chaidh na poilis gu Donside Court ann an sgire Tillydrone goirid ro 02:00m. Chaidh duine a thoirt dhan ospadal ach chaochail e an sin. Tha na poils 'son cluinntinn bho dhuine ss aithne càil idir mun chùis.

Spreadhadh

Chaill duine a bheatha ann an spreadhadh aig taigh ann an Andover ann an Hampshire tràth sa mhadainn an-diugh. Chaidh iarraidh air daoine na dachannan agus togalaichean eile faisg air làimh fhàgail.

Gatwick

Cheannaich buidheann aig a bheil puirt-adhair air feadh an t-saoghail mòr-chuid de dh'earrannan ann am Port Adhair Ghatwick air cha mhòr £3bn. Thàinig an t-aonta sin dìreach làithean an dèidh maill agus troimh-chèile le amharas gun robh drònaichean ag itealaich os cionn an raoin-laighe aig Gatwick. Thuirt Comiseanair Polais a' Mhetropolitan, Cressida Dick, gum feum an Riaghaltas mothachadh gum faodadh drònaichean a bhith nan cunnart do thèarainteachd. Thuirt Ms Dick gu bheil pàirt aig Polais a' Mhet ann an rannsachadh Ghatwick ach nach bi iad ga ghabhail thairis bho Fheachd Poilis Sussex.

Iomairtean-teasairginn

Chaidh cobhair a dhèanamh tràth sa mhadainn an-diugh air còig duine deug de luchd-imrich ann am bàtaichean beaga sa Chaolas Shasannach. Thuirt Feachd na Crìche gun deach dà iomairt theasairginn a chur air bhonn dhaibh.