Tuilleadh thaighean a dhìth air a' Ghàidhealtachd

Thuirt tè de bhuill-phàrlamaid Albannach na Gàidhealtachd gu bheil mar a tha prìsean màil ag èirigh san sgìre a' dearbhadh gu bheil feum air tuilleadh thaighean a bhith air an togail.

A rèir Rhoda Ghrannd, tha feum air atharrachadh bunaiteach ann an siostam an taigheadais.

Sheall àireamhan oifigeil gu bheil na tha e a' cosg taigh fhaighinn air mhàl san roinn phrìobhaidich san sgìre air èirigh 17% bho 2010.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gur e feadhainn air an do dh'fhàilich e am màl aca a phàigheadh a th' ann an còrr is an dàrna leth den fheadhainn dham b' fheudar dhaibh dachaigh èiginneach a lorg.

Thuirt iad gu bheil iad a' leasachadh nan dòighean anns am bi iad ag obair le luchd-màil anns an roinn phrìobhaidich, agus gu bheil iad cuideachd ag obair leis a' charthannas Shelter.