"Bhiodh Linda air a bhith moiteil"

Hanifa Yousoufi Image copyright Ascend
Image caption Shreap Hanifa Yousoufi Beinn Noshaq

Thuirt teaghlach Linda Norgrove gum biodh i air a bhith moiteil à boireannach òg Afganach a shreap gu mullach na beinne as àirde anns an dùthaich.

Chaidh Linda Norgrove, a bha 36, a ghlacadh le reubailtich ann an 2010 agus chaill i a beatha fhad 's a bhathas a' feuchainn ri saoradh.

Anns an Lùnastal shreap Hanifa Yousoufi, a tha 24, Beinn Noshaq - a' chiad bhoireannach à Afganastan a tha air sin a dhèanamh.

Fhuair i taic na h-iomairt bhon charthannas a stèidhich John agus Lorna Norgrove ann an ainm na h-ighne aca.

Thuirt Hanifa gu bheil carthannasan a' toirt cothrom do bhoireannaich ann an Afganastan na "h-amasan aca a thoirt gu buil".

Chòrdadh e rithe a thighinn a dh'Alba uaireigin, thuirt i, 's beanntan na h-Alba a shreap.