Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Dùbhlachd 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

HES

Fhuair luchd-sgrùdaidh àrainneachd na h-uimhir de rudan ceàrr an t-seachdainn seo aig ionadan na companaidh Healthcare Environmental Services ann an Dùn Dè agus Shotts. Dh'innis HES dhan luchd-obrach gu lèir an-dè gu bheil iad a' call an cosnaidh agus a' bhuidheann a' dol à bith an dèidh sgainneal mu chàrnadh sgudail mheidigich. Tha HES a' cumail a-mach gur e Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte 's coireach ris an t-suidheachadh anns a bheil iad agus gur e cion ionadan-losgaidh a bu choireach seach dad a rinn iad-san.

In-imrichean

Thuirt Oifis na Dùthcha gur ann a dh'fhaodadh tuilleadh bhàtaichean air patrol sa Chaolas Shasannach barrachd mhisneachd a thoirt do luchd-imrich feuchainn ri slighe a dhèanamh às an Fhraing. Tha oifigich den bheachd gum bi luchd-imrich a' coimhead air na patrolaichean mar bhàtaichean cobhair. Tha cuideam air an Riaghaltas rudeigin a dhèanamh agus còrr 's 60 de luchd-siridh comhraich air an Rìoghachd Aonaichte a ruigheachd air an trì là mu dheireadh.

HMV

Tha companaidh nam buìthtean ciùill HMV ann an cunnart a dhol fodha, a' cur mu 2000 cosnadh agus còrr is 120 stòr ann an cunnart. Thuirt HMV gu bheil cion airgid a' ciallachadh gu bheil iad am beachd luchd-rianachd fhastadh. Chaidh a' chompanaidh gu rianachd ron a seo ann an 2013 nuair a dhùin iad mu 300 bùth.

Brexit

Tha Jeremy Corbyn ag iarraidh air Theresa May a' Phàrlamaid a ghairm air ais seachdainn nas tràithe airson bhòtadh air a h-aonta 'son Brexit. Tha Ceannard nan Làbarach, ann an agallamh sa phàipear-naidheachd an Independent, a' fàgail air a' Phrìomhaire gu bheil i a' feuchainn ri ùine a chosg leis nach bi a' bhòt ann dhan treas seachdainn den Fhaoilleach. Tha Sràid Downing ag ràdh nach eil dad air aire Mhgr Corbyn ach stad a chur air Brexit.

Trump

Tha a h-uile coltas gum fuirich Riaghaltas fedearalach nan Stàitean Aonaichte dùinte gu an dèidh na Bliadhn' Ùire an dèidh dha faileachadh air a' Chòmhdhail rèite a dhèanamh a-raoir. Tha an Riaghaltas air a bhith dùinte 'son sia là a-nis le àimhreit eadar an Ceann-suidhe Trump agus na Deamocrataich mu airgead 'son balla a thogail air a' chrìch ri Meacsago.

Airbnb

Tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba ag ràdh gum feum riaghailtean nas cruaidhe a chur air màl goirid. Tha am Pàrtaidh Uaine ag ràdh gun deach an àireamh de dh'àiteachan Airbnb ann an Dùn Èideann a-mhàin suas 1900 air a' bhliadhna a chaidh seachad. Tha reachdas a' dol tro' Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta fom feumadh làn chead-dealbhachaudh fhaighinn 'son togalach a chur a-mach air màl goirid.

Arcaibh

Chaidh cobhair a dhèanamh air iasgair an dèidh dhan bhàta aige a dhol air tìr air Eilean Hoy ann an Arcaibh. Chaidh bàta-teasargainn Longhope agus heileacoptair nam maor-cladaich dhan sgìre mu 02:00m an-diugh. Tha e coltach gun robh an duine air a lathadh leis an fhuachd ach a bharrachd air sin gu bheil e ceart gu leòr.