A' cuimhneachadh call na h-Iolaire

Bràiste

Tòisichidh sreath thachartasan Diluain a' comharrachadh ceud bliadhna bho thachair tubaist na h-Iolaire.

Bidh cuirm-chuimhneachaidh mhòr ann an Steòrnabhagh aig 9:30f agus ann an uairean beaga na maidne Dimàirt cruinnichidh daoine faisg air far an deach an Iolaire fodha air na creagan, nas lugha na mìle bho shàbhailteachd a' phuirt.

Chailleadh 201 seòladair - a' chuid as motha dhuibh nan eileanaich a' tighinn dhachaigh às dèidh a' Chogaidh Mhòir.

Tha ùidh mhòr air a bhith anns na seirbheisean le na tiocaidean airson nan cuirmean ann an Steòrnabhagh oidhche Luain a' falbh goirid an dèidh dhaibh a bhith ri fhaotainn.

Caismeachd

Ma cheadaicheas an t-sìde bidh caismeachd lòchranach a' dol tron bhaile oidhche Luain, a' tòiseachadh aig 8:30f le Còmhlan Pìob Leòdhais agus Pìobairean Sgoil MhicNeacail aig an stiùir.

Chaidh iarraidh air daoine a bhith ullaichte airson droch shìde agus thugar rabhadh seachad cuideachd gum bi cuid de rathaidean a' bhaile dùinte do charbadan.

Ni daoine an slighe gu Ionad Spòrs Leòdhais airson na cuirm-cuimhneachaidh - leis an t-seirbheis ga chraoladh beò ann an Àrd-sgoil MhicNeacail cuideachd.

Chan fhaighear a-steach gu na cuirmean sin às aonais tiocaid.

Bidh an t-seirbheis ga chraoladh beo airloidhne agus air BBC Radio nan Gaidheal.

Seirbheis faire

Aig 1.45m Dimàirt cruinnichidh buidheann bheag aig Carragh-chuimhne na h-Iolaire ann an Tolm airson seirbheis faire.

Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, a tha air a bhith gu mòr an sàs sna tachartasan cuimhneachaidh, gum bi sin cuideachd a rèir na h-aimsir.

"Tha a' ghaoth gu bhith gu math mòr agus bidh frasan uisge ann cuideachd.

"Dh'iarradh sinn gum biodh daoine mothachail air a sin agus gum biodh aodach freagarrach orra airson droch aimsir mas 's e agus gur ann mar sin a bhios e aig an àm sin.

"Ach se buidheann gu math beag a bhios a' dol sìos air sgàth 's gum bi e dubh dorch agus gum faodadh an aimsir a bhith gu math dona," thuirt e.

Aig 12:00f Dimàirt cumar dà sheirbheis - tè aig a' charragh-chuimhne agus t-èile air bòrd a' bhàt-aiseig an Loch Seaforth.

Bidh Morair nan Eilean, am Prionnsa Teàrlach, agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an làthair aig seirbheis na carragh-cuimhne.

Bidh an Loch Seaforth suidhichte faisg air far na deach an Iolaire air na creagan aig Biastan Thuilm.

Tha dùil ri còrr air 500 duine air bòrd, le sgoilearan bho air feadh nan Eilean Siar nam measg.

Sgìrean dùthchail

Bidh seirbheisean ann an sgìrean eile cuideachd le tè aig Cidhe Chaol Loch Aillse Diluain aig 3:00f far na dh'fhàg an Iolaire bho chionn ceud bliadhna.

Cumar seirbheis air a' chidhe an dèidh do phlàc a bhith air fhoillseachadh aig Stèisean Rèile a' Chaoil.

Am measg nan seirbheisean eile thèid blàth-fhleasgan fhàgail aig carraighean-cuimhne Bhuirgh agus Nis feasgar Diluain le seirbheis ann an Eaglais na h-Alba ann an Cros, Nis aig 6:00f.

Bidh cothrom aig daoine taisbeanadh Chomunn Eachdraidh Nis air an Iolaire a tha ann an talla na h-eaglais fhaicinn às dèidh làimh.

Anns na Hearadh cumar seirbheis aig a' charragh-chuimhne air an Tairbeart madainn na bliadhn' ùire aig 1:45m.

Blàth-fhleasgan

Ann am Beàrnaraigh, Leòdhais, bidh seirbheis choimhearsnachd ann an Eaglais na h-Alba Dimàirt aig 11:00m agus às dèidh sin thèid blàth-fhleasgan fhàgail aig Carragh-chuimhne Bhreacleit.

Bidh seirbheis ann an Eaglais na h-Alba ann an Garrabost sa Rubha aig 11:00 cuideachd.

Cumar seirbheis ann an Eaglais na h-Alba ann an Uig aig 3:00f agus an uairsin fàgar blàth-fhleasgan aig Carragh-chuimhne Thuimisgearraidh

Tha làn chlàr de phrògraman mu chall na h-Iolaire air BBC Radio nan Gaidheal bho 7:00f Diluain gu 2:00m madainn Dimàirt agus bho 9:00 madainn Dhimàirt.

Tha prògraman cuideachd gach oidhche air BBC Alba agus cuideachd airloidhne air iPlayer a'BhBC.