Ullachadh airson cuirm Oidhche Challain
- Published
Tha an t-ullachadh mu dheireadh ga dhèanamh airson cuirm Oidhche Challain ann an Inbhir Nis.
Tha dùil ri 12,000 duine aig a "Red Hot Highland Fling" ann am Pàirc Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath.
'S e an tachartas as motha ann an Alba a tha an asgaidh agus e air a mhaoineachadh le Stòras Coitcheann na Sgìre.
'S e an cleasaiche Craig Hill a bhios a' stiùireadh chùisean uair eile.
Am measg na bhios air an àrd-ùrlar tha Blazin' Fiddles, Tide Lines, Calum MacKenzie Jones & the Trad Project.
Co-obrachadh
Thuirt Gerry Reynolds a tha os cionn na cuirm gu bheil e an dòchas gum bi e coltach ri na h-oidhcheanan eile a tha air a bhith aca agus nach bi buaireadh sa bith ann.
"S e tachartas teaghlaich a th'ann. 'S e a tha sinn ag iarraidh - agus na bhios sinn a' faighinn a h-uile bliadhna - ach co-obrachadh miorbhaileach bhon t-sluagh air fad.
"A' coimhead air ais air na cuirmean eile a tha air a bhith againn chan urrainn dhomh cus molaidh a dhèanamh air an fheadhainn a bhios a' dol ann.
"Tha sinn air a bhith fortannach gu bheil sìde mhath air a bhith againn 's sinn ag ullachadh airson na cuirm, 'son tha tòrr obair-togail na luib.
"Tha sinn air ar dòigh agus ullaichte airson oidhche Luain," thuirt e.