Taic a dhìth airson atharrachadh sìde

Uan

Thuirt buidheann àrainneachd gu bheil tuathanaich agus croitearan a' cur feum air barrachd thaic bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh le mar a tha an aimsir ag atharrachadh.

Tha Stòras Fiadh Bheatha na Cruinne Alba dhen bheachd gu bheil ceannas nas làidire a dhìth bhon Riaghaltas ann an Holyrood gus am bi iad ann an suidheachadh nas fheàrr dèiligeadh ri atharrachaidhean mòr san aimsir.

Bha cùisean dùbhlanach do thuathanaich agus croitearan ann an 2018 - le earrach gu math fuar agus an uairsin samhradh teth agus tioram.

Thug e buaidh gu sònraichte air eòrna - am bàrr as motha a tha air fhàs ann an Alba.

Thuit an ìre de dh'eòrna geamhraidh a chaidh a chur an cairteal cuid.

Bha crìonadh cuideachd ann an eòrna an earraich - a tha gu mòr air a chleachdadh ann an uisge beatha.

Trioblaid

Dh'fhairich tuathanaich a tha a' cumail stuic air na monaidhean buaidh a' gheamhraidh fhuair agus an t-samhraidh thioram cuideachd.

Thug e buaidh air na bh'aca de dh'fhodar agus uisge airson an cuid beathaichean.

Dh'èirich an àireamh chaorach a chaidh a chall ri linn.

Thuirt Manaidsear Poileasaidh Bìdh agus Àrainneachd WWF Alba, Sheila George, gu bheil an t-àm ann dèiligeadh ris a' chùis.

"Chan urrainnear tuilleadh a bhith den bheachd gur e trioblaid a tha seo a tha a' toirt buaidh air daoine a tha a' fuireach nam mìltean air falbh.

"Tha e a' tachairt an-dràsta, mu ar coinneamh, na'r dachaighean," thuirt i.