''Theid bàtaichean a cheangail aig port''

Iasgair aig muir
Image caption Bidh aig iasgairean ris a h-uile càil a ghlacas iad thoirt gu tìr, seach a bhith a' sadail èisg, nach eil cead aca a ghlacadh, air ais dhan mhuir.

Tha dragh ann mu riaghailtean ùra iasgaich a bhios gan cur an gnìomh air 1mh dhen Fhaoilleach.

Bidh aig iasgairean ris a h-uile càil a ghlacas iad thoirt gu tìr, seach a bhi a' sadail èisg, nach eil cead aca a ghlacadh, air ais dhan mhuir.

Tha aithisg bho chomataidh de Thaigh nam Morairean ag ràdh gu bheil dragh ann gum bidh fìor dhroch bhuaidh aig an sgeama air cuid, 's gum bi e a fàgail bhàtaichean ceangailte aig port.

Dh'innis an aithisg cuideachd gu bheil an t-eagal air sgiobairean eile gun glac iad iasg 's gun cuideam ceadaichte air fhàgail aca, agus iad a' sireadh èisg eile.

Tha ceist aca cuideachd ciamar a thèid an siostam ùr a riaghladh.

Ach thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba gun deach riaghailtean ùr aontachadh thairis air na mìosan a chaidh seachad gus dèanamh cinnteach nach tachradh seo, ach tha iad dhen a' bheachd gum bi cothrom agus goireasan nas fheàrr aig an Rìoghachd Aonaichte seo a dhèanamh nuair a dh'fhàgas an dùthaich an t-Aonadh Eòrpach as t-earrach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo