''Sgeirean Hiort ann an deagh staid''

Boighereigh Image copyright NTS

Tha sgeirean agus uamhan ainmeil Hiort ann an deagh staid, a-rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh.

Tha seo stèidhichte air obair sgrùdaidh a rinn daibhearan dha Dualchas Nàdar na h-Alba ann an 2015.

Ged a chur an droch shìde bacadh air an obair, fhuair iad air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air ceithir uamhan.

Bidh am fiosrachadh a-nis air chleachdadh airson slat-tomhais a thoirt dhan bhuidhinn ann a bhith a' measadh mar a thig atharrachadh air eileanan Hiort.

Tha an t-àite, aig a bheil inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne, loma làn eòin mara dhe gach seòrsa, sulairean a' Chuan Shiar nam measg.