Rabhadh bho na poilis dha deugairean Rois

Suaicheantas nam Poileas
Image caption Tha dragh air coimhearsnachdan Inbhir Pheofharain, Drochaid Sguideil agus a' Bhlàr Dhuibh agus an àireamh chùisean de dol a-mach mi-shòisealta air èirigh gu mòr thairis air na mìosan a chaidh seachad.

Thug Poilis na Gàidhealtachd rabhadh seachad agus deugairean ann an Siorrachd Rois ri dol a-mach mi-shòisealta fad mhìosan.

Thuirt na poilis nach seas iad fhèin neo a' choimhearsnachd ris.

Tha dragh air coimhearsnachdan Inbhir Pheofharain, Drochaid Sguideil agus a' Bhlàr Dhuibh agus an àireamh chùisean dhe dol a-mach mi-shòisealta air èirigh gu mòr thairis air na mìosan a chaidh seachad.

Chaidh còrr 's 20 cùis a chlàradh anns an Dubhlachd a-mhàin.

Tha aithrisean ann gu robh deugairean a' goid, a' sadail bìdh air càraichean a bha siubhail aig astar agus a' cur fios a dh'ionnsaigh na seirbheis smàlaidh a' canail gu robh teine ann nuair nach robh ann an da-riribh, am-measg grunn rudan eile.

Dh'iarr oifigearan gum beachdaich deugairean air na tha iad a' dèanamh agus a' bhuaidh a th' aige air daoine sa choimhearsnachd - agus gum bi fios aig am pàrantan càite bheil a' chlann aca agus gu dè tha iad a' dèanamh.

Thuirt an Sgt Seumas MacIomhair: ''Dh'fhaodadh gu bheil cuid dhen a' bheachd gu bheil iad ri fealla-dhà, ach dh'fhaodadh dol a-mach dhen t-seòrsa seo buaidh mhòr a thoirt air do bheatha, ma thèid do ghlacadh agus ma thèid d'fhaighinn ciontach. ''

Chuir e ris a sin agus e ag ràdh: ''Fiu 's ged nach biodh thusa thu fhèin aig cridhe na cùis, ma tha thu ag obair ann am buidheann, dh'fhaodadh gun tèid do pheanasachadh cuideachd.''

Ma tha dragh air duine sam bith mu dheidhinn dol a-mach mi-shòisealta, faodaidh iad fòn a chur a dh'ionnsaigh Poilis Alba air 101 neo 999, mas e cùis èiginneach a th'ann.