Stòras tiodhlagaidh às dèidh tubaiste

Tubaist rathaid Image copyright PETER JOLLY

Chaidh stòras tiodhlagaidh a stèidheachadh dha fireannach a chaill a bheatha ann an tubaist rathaid san Eilean Dubh oidhche Haoine.

Bha an duine, 50, a' draibheadh bus Stagecoach eadar Inbhir Nis agus Cromba nuair a bhuail an carbad ann an drochaid faisg air Bun Lòchaidh air a' B9161 .

Thachair an tubaist mu 5.40f.

Cha deach an duine ainmeachadh fhathast ach thathas a' tuigsinn gur e Smiler am far-ainm a bh' aig daoine air.

Taic

Chaidh flùraichean fhàgail aig làrach na tubaiste is daoine a' dèanamh luaidh air.

Tha cuid sa choimhearsnachd a-nise air stòras a stèidheachadh gus a theaghlach a chuideachadh le tiodhlagadh a chur air dòigh.

Bha naoinear luchd-siubhail air bòrd a' bhùs is chaidh trìuir dhuibh a ghoirteachadh gu dona.

Tha Poileas Alba ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mun tubaist a dhol thuca.

Tha iad cuideachd airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil dealbhan dashcam.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile