Stòras ùr fosgailte

An Stòrr Image copyright Thinkstock

Tha stòras ùr a tha ag amas air dìon agus leasachadh a dhèanamh air cùisean culturail agus nàdarra na Gàidhealtachd 's nan Eilean a-nise fosgailte.

'S e Dualchas Nàdair na h-Alba a bhios os cionn an sgeama.

Eadar £5m bho stòras ERDF is airgead bho shruthan ionmhais eile, bidh còrr is £7m san stòras.

Bidh e ag amas gu h-àraidh air sgìrean far a bheil turasachd cudromach dhan eaconomaidh.

Thuirt SNH gu bheil iad ag amas air pròiseactan a bhios a' cruthachadh agus a' glèidheadh obraichean.

Ùidh

Thuirt iad gum faigh timcheall air 10 pròiseactan mòra buannachd às an sgeama.

Dh'innis Rùnaire na Turasachd, Fiona Hyslop, gu bheil turasachd fìor chudromach do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Thuirt i gun cuireadh an stòras ùr dìon air na gnothaichean sònraichte a tha a' tàladh luchd-turais.

Tha SNH ag ràdh gu bheil iad mar-thà air bruidhinn ri còrr is ceud neach no buidheann a tha air ùidh a shealltainn san stòras.

"'S e cothrom air leth a tha seo 'son sealltainn mar as urrainn buannachdan eaconomach a bhith ann dha coimhearsnachd dùthchail le a bhith a' cosg airgid air àrainneachd is cultar", thuirt Àrd-Stiùiriche SNH, Francesca Osowska.

Cothrom

"Tha sinn air bhioran cuid de na beachdan a tha sinn air fhaicinn a thoirt gu buil, is rudan a chur air dòigh dha luchd-turais a nì feum mòr cuideachd aig ìre na coimhearsnachd", thuirt i.

Tha cothrom ann beachdan a chur air adhart eadar seo is an 22mh den Ghiblean.

Thig fios san t-Sultuin dè na pròiseactan a tha air soirbheachadh.

Tha an sgeama fosgailte dhan phoball, buidhnean saor-thoileach agus an treas roinn.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile