An Canàl Cailleanach dùinte

An Cànal Cailleanach an Cille Chuimein. Image copyright Google
Image caption An Cànal Cailleanach an Cille Chuimein.

Tha an Canàl Cailleanach air dùnadh gus leigeil le obair-càraidh riatanach a dhol air adhart.

Thèid geataichean ùra a chur an sàs timcheall air Cille Chuimein.

Mairidh an obair suas ri trì mìosan.

Aig an dearbh àm, bidh obair a' dol air adhart air Canàl an Aonaidh eadar an Eaglais Bhreac is Dùn Èideann.

Thuirt Canàlan na h-Alba gu bheil taic a bharrachd luach £5m a fhuair iad bho Riaghaltas na h-Alba a' leigeil leotha a dhol air adhart leis an obair.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na pròiseictean an seo.